Skip to content

Pròiseactan agus coileanaidhean làithreach

 
 

Srùbag!  Cèilidh Òrain na Gàidhlig

Stèidhichte ann an Dùn Èideann agus le mo charaid, am bàrd is seinneadair Marcas Mac an Tuairneir tha mi air tachartas seinn air Zoom a chur air dòigh, mar bhean-an-taighe, air a bheil “Srùbag”. Tha sinn an dithis nar buill de Chòisir Ghàidhlig Lodainn agus ’s e Marcas fear den dithis a nì oideachadh na Gàidhlig ann. Tha an t-uabhas de chèilidhean air loidhne a chaidh an chlàradh ro làimh, ach bha sinne airson àite a chruthachadh far am biodh na h-òrain Ghàidhlig gan gabhail beò air loidhne. Tha fàilte ro òrain Albannach is Èireannach ann, agus na dùthchannan Ceilteach eile, leithid òran na Breatnais. Gach seachdain, bidh seinneadair air aoigheachd againn agus, a bharrachd air sin, bidh cothrom an òrain a’ dol timcheall “an t-seòmair bhiortail”. Thigibh ann le srùbag nur làimh, òran nur beul no airson èisteachd. Briogaibh an-seo, no cur post-d thugam airson ceangal an tachartais Zoom seo, no airson tuilleadh fiosrachaidh.

Seinneadairean air Aoigheachd a bh’ againn roimhe:

  • 17mh an Iuchair, 2020 – Emma “Scalpaigh” NicLeòid
  • 7mh an Lùnastail, 2020 – Alison Ní Dhorchaidhe
  • 4mh na Sultaine, 2020 – John Boa

Seinneadairean air Aoigheachd rin tighinn ann an 2020:

  • 2mh an Dàmhair, 2020 –  Máire Ní Chéileachair
  • 6mh na Samhna, 2020 – Isabel NicLeòid
  • 4th na Dùbhlachd, 2020 – Fiona J. NicCoinnich (Srùbag na Nollaig)