Pròiseactan agus coileanaidhean làithreach
Pròiseactan agus coileanaidhean o chionn ghoirid
An Cogadh Mòr
“Fàilte do Rona Lightfoot” – 2020
B’ e amas a’ phròiseict seo luaidh a dhèanamh air Rona – bana-phìobaire cho math ’s a th’ againn air an t-saoghal mhòr, sgeulaiche agus neach-teagaisg. Tha Rona air a bhith a’ teagasg òrain luaidh aig Ceòlas is Fèis Rois fad còrr is fichead bliadhna. ’S e sgeulaiche air leth a th’ innte, làn dibhearsain le sgeulachdan a cuid dualchais ann an Uibhist a Deas, seinn nan òran luaidh aig a màthair agus mar a dh’ionnsaich i cluich na pìoba agus seo uile tro thraidisean na beul-aithrise. Aig Fèis Rois, tha Rona air bruidhinn rium agus ar buidheann de cho-luchd-ionnsachaidh fad-ùine mu luach ar dleastanais fhèin ann a bhith a’ toirt air adhart an traidisean de na h-òrain aice. Bha mi an sàs na clasaichean canntaireachd aice, aig Fèis Rois airson pìobairean, far an do dh’ionnsaich mi a cuid òran-pìobaireachd, air a bheil mi fìor dhèidheil.
Tha mi ag obair le Rona gus CD a chur air dòigh far am faighear na h-òrain-pìobaireachd uile aice air an clàradh – air an seinn leam fhìn is le càch – le cluich na pìoba aig leithid Iain Speirs le aon aon phort-pìoba, no pàirt dheth. Le leabhranan far am faighear na h-òrain is an ceòl mòr nan cois, bidh seo na ghoireas beòthail de dhualchas Rona.
Tha am Buidhean Luaidh aig Còisir Ghàidhlig Lodainn, “Luadh le Mire”, air tòrr de na h-òrain-luaidh aig Rona ionnsachadh is a ghabhail ron t-sluaigh. An-uiridh, chòrd e rinn glan a bhith an sàs sa chuirm gus fàilte a chur aig clò Hattersley, air ùr-chàradh, ann an Crosbost, Cèilidh Cheann a’ Bhàigh, agus Cèilidh Eaglais Ùige (aig Ionad Stoodie, a’ cumail taic ri Eaglais na h-Aoidhe anns an Rubha, ann an Eilean Leòdhais, agus a bharrachd air sin airson Seachdain na Gàidhlig is Am Mòd Nàiseanta Rìoghail. Faicibh na bhideothan.
Ewart Alan Mackintosh Project – 2015-2018
Rinn an E. Alan Mackintosh Project luaidh air beatha is obair sàr-bhàird a’ Chogaidh Mhòir E A Mackintosh, agus ceud bliadhna èig aig toiseach Blàr Chambrai , 21mh na Samhna, 1917. Rugadh Mackintosh ann am Brighton agus ghabh e sna Sìophortaich rè a’ Chogaidh Mhòir. Bha e an sàs san t-Somme agus Vimy Bridge ann an 1915 agus 1916.
Bha dàimh làidir aig “Tosh” ri sgìre Alanais agus dh’ionnsaich e a’ phìob a chluich agus Gàidhlig a bhruidhinn. Na bhàrdachd bha farsaingeachd chuspairean, leithid dànachd, eagail, ròisire, dìlse, ìobairt, calla, companachais, dleastanais, gaoil, dhàimhean briste, agus sgeig-aithris is mar sin air adhart. Tha na cuspairean seo cho beòthail is drùidhteach ’s a bha iad, ceud bliadhna air ais. Bu chòir luaidh nas fharsainge a dhèanamh air a chuid obrach agus b’ ann mar sin a bha am pròiseact seo.
Airson a’ phròiseict seo, rinn mi co-obrachadh leis a’ bheatha-eachdraiche Colin Campbell (“Can’t shoot a man with a cold). Fad nan trì bliadhna a bha sinn an sàs sa phròiseact, chruthaich sinn làrach-lìn, cuairtean, taisbeanaidhean agus tachartasan, ann an Dùn Èideann, Glaschu, Eilginn, Inbhir Pheofharain agus Inbhir Theòrsa, a’ co-obrachadh le grunn bhuidhnean eile ann an Alba agus san Fhraing, a’ gabhail a-steach Ionad Sgeulachdan na h-Alba, Còisirean Gaidhlig Lodainn, Inbhir Pheofharain is Mhealbhaich agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Bha e comasach dhuinn a bhith an sàs sna seirbhisean-cuimhneachaidh san Fhraing far a bheil seipeal maireann gus luaidh a dhèanamh air Mackintosh ga thogail.
“.. And a voice in the wind that is silent for ever”
E A Mackintosh, The Waiting Wife
An Cogadh Mòr
Tha ùidh shònraichte air bhith agam sa Chogadh Mhòr o chionn caogad bliadhna. Ann an 2015, chuir mi tachartas air dòigh ann an Dùn Èideann gus cuimhneachadh a dhèanamh air a’ Chogadh Mhòr, a’ gabhail a-steachd farsaingeachd luchd-ealain agus cleasaichean, às an Rìoghachd Aonaichte is a’ Ghearmailt.
An Iolaire
Bha mi cuideachd an sàs ann am pròiseact, a’ sònrachadh na h-Iolaire, a’ seinn aig coileanaidhean ann an Dùn Èideann an Steòrnabhagh. B’ i An Iolair an long a bha a’ tilleadh a Steòrnabhagh air Oidhche Challain 1919, air an lìonadh le buill-seirbhise air an t-slighe dhachaigh, a chaidh fodha air clachan garbh, pìos air falbh bho Acarsaid Steòrnabhagh, ag adhbharachadh call mòr beatha.
Tha call na Iolaire mar mheataphor a’ Chogaidh Mhòir. Dh’fhàg an soitheach, a bha na gheat sòghalach agus an aiseag àbhaisteach, an SS Sheila, Caol Loch Aille air Oidhche Challainn, 1919. Am measg na bha air bòrd, bha a’ mhòr-chuid an sàs sa chogadh agus seòladairean a’ Chabhlaich Rìoghail. Chuir feadhainn romhpa dol air an t-soitheach seo airson a bhith a’ siubhail còmhla ri bràithrean is co-oghaichean, rud a chuir ris a’ chùis-mhulaid a leanas. Leis a’ ghaoth a’ tarraing oirre, thar a’ Chuain Sgìth, ràinig an Sheila slàn ach sheòl an Iolaire a dh’ionnsaigh Steòrnabhagh pìos far a chùrsa agus, chaidh e fodha, gu h-èiginneach, air Biastan Thuilm, dìreach ficheaad meatair far eudainn.
B’ ann mu 2m agus dubh dorcha. Chaidh còrr is dà cheudnar a bhàthadh agus cha do mhair beò ach naoidhnear thar seachdad. B’ e Iain Fionnlagh MacLeòid, à Nis, a rinn cobhair do cheathrad neach le bith a’ snàmh gu tìr le ròpa, a chleachd na fir eile gus an tarraing tron na tuinn air goil.
Am measg nas aithne dhuinn a chaochail, bhuin ceithir is ceudnar thar seachdad do Leòdhas, seachdnar don na Hearadh is criutha de dh’ochnar-deug do sgìrean eile air feadh na Rìoghachd Aonaichte, a bharrachd air dà phasaindear, a bha ag amais air Bunait a’ Chabhlaich Rìoghail ann an Steòrnabhagh is a chaidh a bhàthadh cuideachd. Chaill an t-uabhas de theaglaichean Leòdhasach is Hearach co-dhiù aon duine an dàimh agus bha an tùirse cho mòr nach d’ rinneadh iomradh air a’ chall fad deicheadan. Chaidh cuimhneachadh sònraichte a dhèanamh air an dosgainn aig àm na Bliadhna Ùire ann an 2019 agus sgrìobhadh mòran leabhraichean airson tuilleadh aire is tuigse a chumail ris an uabhas seo.
Cambrai and Deborah
Mharbhadh bràthair a-mhàin mo sheanmhar mhàthaireil air 30th na Samhna, 29017 aig deireadh Blàr Chambrai. B’ e seo naoi làithean a-mhàin às dèidh E A Mackintosh, san an bhlàr de dheich là is a dh’abhdharaich an dàimh phearsanta eadarainn agus am meas a th’ agam air càileachd a bhàrdachd, a bha cho inntinneach dhomh. Rinn mi luaidh air call a’ bhatail shònraichte seo tro bhith a’ tadhal air a’ bhlàr, fad nan deicheadan mòra.
Bidh na cèilidhean ùineach agam a’ gabhail a-steach beul an là, an-còmhnaidh. Bidh mi a’ dol gu Ridge Crest, far an robh bràthair mo sheanair air a champachadh, targaid sgiobalta do fhrith-ionnsaigh nan Gearmailteach aig ciaradh na maidne. Bha buirbe na bomaireachd lèir gu leòr sna slocan mòra co-dhlùtha, a tha ann fhathast, san là an-diugh. Chaidh am batàillean aige a mhilleadh. Cha robh cuirp, no putan fiù, air fhàgail gus toirt dhachaigh. Chaidh cuimhneachadh a dhèanamh dha air a’ chloich-cuimhne leth-chearclaich, dhaibhsan a chaidh a chall aig Louveral, taobh siar Chambrai, am measg seachd mìle fhireannach eile a bhios “ar chall” gu bràth thuilleadh. Faicibh na CEANGLACHAIN airson an dàn a sgrìobh mi fhìn mar phàirt den Phròiseact 14-18 “Letter to an Unknown Soldier”, a rinn mi gus urram a thoirt do bhràthair mo sheanmhar.
Fad nan cèilidhean mòra agam, ’s corra uair a bha luchd an teaghlaich agam air an t-slighe a thogail còmhla rium. Tha sealbhaiche “Hôtel Beatus” na dheagh charaid a-nis, le fìor ùidh aige sa Chogadh Mhòr. Lorg is chladhaich Phillipe tanca Mark IV bho D Company, gu pearsanta (“Deborah, D-51”) a chaidh a leth-adhlacadh agus a thaisbeanadh ann an sabhal ann an Flesquières. Thug e mi is mo mhac air chuairt phearsanta, o chionn deich bliadhna, agus bho shin a-mach tha e air a bhith ag obair gun sgur gus taic oifigeil is bhon AE gus taigh-tasgaidh do Dheborah a chur air bhonn.
Stiùir Philippe rèiteachadh cuimhneachadh nan ceud bliadhna den Bhatail agus bha e na urram dhomhsa a bhith a’ seinn aig dìnnear-cuimhneachaidh Chambrai agus Seirbhis-cuimhneachadh Dhaibhsan a Chailleadh: b’ e seo seinn mo bheatha. Bidh na seirbhisean-cuimhneachaidh – le tachartasan ionadail is cuairtean – gan ruith gach bliadhna, a-nis. Bidh mise an sàs san dìnnear ionadail agus aig seirbhisean-cuimhneachaidh Flames of Memory agus ’s lèir gur feàrr leam òrain Ghàidhlig – leithis Cumha Mhic an Tòisich is Cumha MhicCriomain – tuiridhean, gun teagamh. Tha e air bhith sgoinneil a bhith a’ seinn aig an taigh-tasgaidh ùr do Dheborah. A dh’aindeoin sin, chan innis mi an sgeulachd is mi steigte sa pholl aig Rue-des Vignes agus daoine gu leòr fiosraichte dheth, mu thràth.
Thanks to Jean-Marie Caudmont for the pictures of the Flames of Memory, and of my performance at the special ceremony for descendants at the Memorial to the Missing, Louverval.
Bidh fios aig luchd-leantainn is deach am bàrd as fheàrr leam, Wilfred Owen, a mharbhadh seachdain ro dheireadh a’ Chogaidh Mhòir, air an t-slighe-langaiseachaidh canal Sambre-Oise, ann an Ors, air taobh shear Chambrai. ’S tric a bhios na cèilidhean agam a’ gabhail a-steach àiteachan eile, co-cheangailte ris a’ Chogadh Mhòr agus, gu seachd àraid, Wilfred Owen. B’ e urram mòr dhomh, is dha mo mhac, cèilidh phrìobhaideach a dhèanamh air mèar Ors, Jacky Duminy, aig taigh an choillteir le bùird air na h-uinneagan, aig an àm. B’ ann an seo far an do chuir Wilfred Owen oidhche mu dheireadh seachad: La Maison Forestière de l’Ermitage, a tha a-nise na thaigh-tagsgaidh agus taisbeanadh ealain.
“…But the old man would not so, but slew his son,
Wilfred Owen, The Parable of the Old Man and the Young
And half the seed of Europe, one by one.”
Labrador
Air saor-làithean ann an 2017 agus a’ tadhal air a’ choimhearsnachd bhig Inuitich de Rigolet, air chosta Labradoir, bha sinn air ar beò-ghlacadh taisbeanadh a’ Chiad Chogaidh fhaighinn ann agus gum b’ ann am measg an ochdnar a chaidh dhan bhlàr, mharbhadh ceathrar, ann an 1917 uile. Bha e na iognadh dhuinn gun deach dithis a mharbhadh aig Batail Chamrai – an dà chuid ann an Rèisimeid Rìoghail Talamh an Èisg agus air am marbhadh air an aon là, 20mh na Samhna, 1917 – toiseach Bhatail Chambrai. Mar phàirt den chuairt againn, gus ceud bliadhna de dh’eug bràthair mo sheanmhar a chomharrachadh, b’ urrainn dhuinn cèilidh a chur air uaigh an dàrna fhir agus plaig-cuimhneachaidh an fhir eile, aig nach eil uaigh aithnichte. Chuir sinn dealbhan air ais dhan choimhearsnachd agus bha e na urram mòr comas seo a dhèanamh a bhith againn, ceud bliadhna às dèidh eug an sinnsrean.
Ypres
Chaill an teaghlach againn trì bràithrean-sheanarsa Chogadh Mhòr, mu dheireadh 1917. Aonan aig Rouen (a chaochail leònte), aig an robh cuirp agus leac-uaighe; aonan ann an treas Batail Ypres, aig Poelkapelle (Passcheandaele). Chaochail treas phàirt de na chaidh a chall de Bhreatnaich sa Chogadh Mhòr aig Ypres, sa bhuachar uabhasach. Abair foghar is geamhradh lom a bhiodh sin. Bha mi cinnteach is cho fad is a bha comasach dhuinn, gun coisicheamaid loidhne an là mu dheireadh aig an triùir, ceud bliadhna às dèidh làimhe, gu dìreach. Chan eil uaigh aithnichte aig a’ bhràthair-sheanar a chaidh a mharbhadh aig Ypres. Bha uireadh cho mòr gun uaigh aithnichte nach robh àite gu leòr airson an ainmean a a ghràbhadh air a’ Menin Gate Arch. Tha ainmean an dà treas-phàirt a bharrachd ann an liostaichean aig Tyne Cot, taobh a-muigh Ypres, cladh an airm as motha air an t-saoghal. Tha a chuimhneachan air Pannal a 77. Nuair a chaidh mi agus m’ fhear-chèile gu Tyne Cot, bha sinn an dùil – agus uiread phannalan ann – gun robh na th’ aige-san faisg air an deireadh. Gus ainm a lorg, thòisich sinn aig an deireadh. B’ e àireamh a 164 am pannal mu dheireadh, le dà cholbh àrd de dh’ainmean. Mar sin, tha Pannal a 77 sa mheadhan, seach aig an deireadh.
Tro bhith an sàs ann an cuimhneachadh Chambrai, chuir mi eòlas air càirdean ùra – dithist Bheilgeach air leth, Luc is Johan Vanbeselaere, a dh’ath-chruthaich tanca a’ Chogaidh Mhòir a tha aig cridhe a’ bhaile bhig aca ann an Ypres, Poelkapelle. Ann an 2019 bha e comasach dhomh cèilidh a chur air Ypres gus a bhith an sàs ann an grunn thachartasan o bheul an là air adhart. Chan eil e coltach gur urrainnear tachartasan a chumail ann an 2020, ri linn Chovid, ann an cruth corporra, co-dhiù.
2020 – Lockdown Projects
Tha 2020 air a bhith na bhliadhna àraid dhuinn uile. Tha an Coròna-bhìoras air riaghailteachaidhean mòra a thoirt oirnn uile agus thug e measgachadh de bhagairtean is cothroman obann gu leac an dorais. Dhomh-sa dheth, thòisich mi le cuairt mo rùin ann an Antartaigea, a’ tilleadh do dhùthaich fo ghlasaibh. Tha n glasadh air an t-uabhas cruthachalachd is tionnsgalachd a chur fo chunnart. Nam bheachd, tha e air a bhith na dheagh chothrom a bhith a’ gabhail ri ceòl air Zoom – an sàs ann an còrr is dà cheud tachartas seinn air feadh an t-saoghail! – agus ann an conaltradh le tòrr luchd-ciùil mhìorbhailtich san RA, Èirinn, A’ Bhreatainn Bhig, Ameireaga a Tuath agus Astràilia a bharrachd air co-obrachadh ciùil a leasachadh agus tlachd a ghabhail à caidreamh ciùil, san fharsaingeachd.
Zoom sessions and rehearsals with Còisir Lunnainn and Newport Australia Folk & Fiddle Club
A bharrachd air a bhith an sàs ann am practas nan còisirean Gàidhlig, tha mi air a bhith nam bhean-an-taigh don bhuidhean-luaidh aig a’ chòisir. Mar phàirt den na tachartasan Transatlantic Ballad air Zoom, tha mi air Tachartas Transatlantic Luadh a chur air dòigh air an ceudna leis an òran-iomraidh Zoom, a chìthear air earannan ceòl ‘s nan bhideothan. Tha mi an dòchas gun còrd na h-òrain seo, is co-obrachaidhean ceòmhor nan cois, ribh air an làraich-lìn agam. Tha ceòl ri èisteachd agus ri ath-luchdachadh, mas miann leibh, ann.
Tha e air bhith na cothrom tlachd a ghabhail à obair aig seinneadairean is sgrìobhadairean eile, leithid Màiri Anna NicUalraig is an t-eadar-theangachadh aice den chlasaig aig C S Lewis “The Lion, The Witch and the Wardrobe” – “Narnia ann an Gàidhlig” – a chraol i agus a fear-chèile Neacal Mac an Tuairneir gach seachdain, rè na stainge.
Srùbag! Cèilidh Òrain na Gàidhlig
Stèidhichte ann an Dùn Èideann agus le mo charaid, am bàrd is seinneadair Marcas Mac an Tuairneir tha mi air tachartas seinn air Zoom a chur air dòigh, mar bhean-an-taighe, air a bheil “Srùbag”. Tha sinn an dithis nar buill de Chòisir Ghàidhlig Lodainn agus ’s e Marcas fear den dithis a nì oideachadh na Gàidhlig ann. Tha an t-uabhas de chèilidhean air loidhne a chaidh an chlàradh ro làimh, ach bha sinne airson àite a chruthachadh far am biodh na h-òrain Ghàidhlig gan gabhail beò air loidhne. Tha fàilte ro òrain Albannach is Èireannach ann, agus na dùthchannan Ceilteach eile, leithid òran na Breatnais. Gach seachdain, bidh seinneadair air aoigheachd againn agus, a bharrachd air sin, bidh cothrom an òrain a’ dol timcheall “an t-seòmair bhiortail”. Thigibh ann le srùbag nur làimh, òran nur beul no airson èisteachd. Briogaibh an-seo, no cur post-d thugam airson ceangal an tachartais Zoom seo, no airson tuilleadh fiosrachaidh.
Seinneadairean air Aoigheachd a bh’ againn roimhe:
- 17mh an Iuchair, 2020 – Emma “Scalpaigh” NicLeòid
- 7mh an Lùnastail, 2020 – Alison Ní Dhorchaidhe
- 4mh na Sultaine, 2020 – John Boa
Seinneadairean air Aoigheachd rin tighinn ann an 2020:
- 2mh an Dàmhair, 2020 – Máire Ní Chéileachair
- 6mh na Samhna, 2020 – Isabel NicLeòid
- 4th na Dùbhlachd, 2020 – Fiona J. NicCoinnich (Srùbag na Nollaig)