“Fàilte do Rona Lightfoot” – 2020
B’ e amas a’ phròiseict seo luaidh a dhèanamh air Rona – bana-phìobaire cho math ’s a th’ againn air an t-saoghal mhòr, sgeulaiche agus neach-teagaisg. Tha Rona air a bhith a’ teagasg òrain luaidh aig Ceòlas is Fèis Rois fad còrr is fichead bliadhna. ’S e sgeulaiche air leth a th’ innte, làn dibhearsain le sgeulachdan a cuid dualchais ann an Uibhist a Deas, seinn nan òran luaidh aig a màthair agus mar a dh’ionnsaich i cluich na pìoba agus seo uile tro thraidisean na beul-aithrise. Aig Fèis Rois, tha Rona air bruidhinn rium agus ar buidheann de cho-luchd-ionnsachaidh fad-ùine mu luach ar dleastanais fhèin ann a bhith a’ toirt air adhart an traidisean de na h-òrain aice. Bha mi an sàs na clasaichean canntaireachd aice, aig Fèis Rois airson pìobairean, far an do dh’ionnsaich mi a cuid òran-pìobaireachd, air a bheil mi fìor dhèidheil.
Tha mi ag obair le Rona gus CD a chur air dòigh far am faighear na h-òrain-pìobaireachd uile aice air an clàradh – air an seinn leam fhìn is le càch – le cluich na pìoba aig leithid Iain Speirs le aon aon phort-pìoba, no pàirt dheth. Le leabhranan far am faighear na h-òrain is an ceòl mòr nan cois, bidh seo na ghoireas beòthail de dhualchas Rona.
Tha am Buidhean Luaidh aig Còisir Ghàidhlig Lodainn, “Luadh le Mire”, air tòrr de na h-òrain-luaidh aig Rona ionnsachadh is a ghabhail ron t-sluaigh. An-uiridh, chòrd e rinn glan a bhith an sàs sa chuirm gus fàilte a chur aig clò Hattersley, air ùr-chàradh, ann an Crosbost, Cèilidh Cheann a’ Bhàigh, agus Cèilidh Eaglais Ùige (aig Ionad Stoodie, a’ cumail taic ri Eaglais na h-Aoidhe anns an Rubha, ann an Eilean Leòdhais, agus a bharrachd air sin airson Seachdain na Gàidhlig is Am Mòd Nàiseanta Rìoghail. Faicibh na bhideothan.
2020 – Lockdown Projects
Tha 2020 air a bhith na bhliadhna àraid dhuinn uile. Tha an Coròna-bhìoras air riaghailteachaidhean mòra a thoirt oirnn uile agus thug e measgachadh de bhagairtean is cothroman obann gu leac an dorais. Dhomh-sa dheth, thòisich mi le cuairt mo rùin ann an Antartaigea, a’ tilleadh do dhùthaich fo ghlasaibh. Tha n glasadh air an t-uabhas cruthachalachd is tionnsgalachd a chur fo chunnart. Nam bheachd, tha e air a bhith na dheagh chothrom a bhith a’ gabhail ri ceòl air Zoom – an sàs ann an còrr is dà cheud tachartas seinn air feadh an t-saoghail! – agus ann an conaltradh le tòrr luchd-ciùil mhìorbhailtich san RA, Èirinn, A’ Bhreatainn Bhig, Ameireaga a Tuath agus Astràilia a bharrachd air co-obrachadh ciùil a leasachadh agus tlachd a ghabhail à caidreamh ciùil, san fharsaingeachd.
Zoom sessions and rehearsals with Còisir Lunnainn and Newport Australia Folk & Fiddle Club
A bharrachd air a bhith an sàs ann am practas nan còisirean Gàidhlig, tha mi air a bhith nam bhean-an-taigh don bhuidhean-luaidh aig a’ chòisir. Mar phàirt den na tachartasan Transatlantic Ballad air Zoom, tha mi air Tachartas Transatlantic Luadh a chur air dòigh air an ceudna leis an òran-iomraidh Zoom, a chìthear air earannan ceòl ‘s nan bhideothan. Tha mi an dòchas gun còrd na h-òrain seo, is co-obrachaidhean ceòmhor nan cois, ribh air an làraich-lìn agam. Tha ceòl ri èisteachd agus ri ath-luchdachadh, mas miann leibh, ann.
Tha e air bhith na cothrom tlachd a ghabhail à obair aig seinneadairean is sgrìobhadairean eile, leithid Màiri Anna NicUalraig is an t-eadar-theangachadh aice den chlasaig aig C S Lewis “The Lion, The Witch and the Wardrobe” – “Narnia ann an Gàidhlig” – a chraol i agus a fear-chèile Neacal Mac an Tuairneir gach seachdain, rè na stainge.